A’ Lorg do Theaghlaich
Tha am fiosrachadh anns an stòras Co Leis Thu? air a tharraing bho rannsachadh a rinn Bill agus Chris Lawson, a tha ainmeil gu eadar-nàiseanta airson an obair a tha iad ri dèanamh air eachdraidh theaghlaichean nan Eilean Siar.
Tha cha mhòr a h-uile teaghlach a bha anns na h-Eileanan an Iar, a’ dol air ais timcheall air dà cheud bliadhna, air an rannsachadh, agus tha an-diugh suas ri 30,000 craobh-teaghlaich anns an stòras. Tha seo a’ cunntadh an obair a tha iad air a dhèanamh air teaghlaichean a chaidh gu Canada, Astràilia, Ameireagaidh agus gu rìoghachdan eile.
Ged a tha e duilich teaghlaichean anns na h-Eileanan an Iar a rannsachadh, tha e comasach dhuinne aig Co Leis Thu? teaghlaichean a leantainn air ais gu timcheall air 1750 agus uaireannan nas fhaide air ais.
Tha Bill Lawson air an stòras, Co leis Thu?, a thoirt do dh’Urras Dualchais An Taobh Tuath, agus tha e a-nis anns an ionad-tadhail, Seallam!. Bheir an luchd-obrach ann an seo dhuibh cuideachadh le dè am fiosrachadh a tha aca airson luchd-rannsachaidh – agus bheir Bill Lawson fhèin seachad stiùireadh ma tha feum aig duine air.
Stòrasan
Na stòrasan ann an Seallam!
Cunntasan-sluaigh 1841-1901
Seann Chlàran Eaglais (An Eaglais Stèidhichte agus An Eaglais Chaitligeach)
Pàipearan Oighreachdan
Liostaichean Eilthirich
Pàipearan an Riaghaltais
Fiosrachadh bho na Clàran Sìobhalta
Beul-aithris
Tha na clàran sgrìobhte fada gun tòiseachadh anns na h-eileanan, ach bha beul-aithris a-riamh làidir, air a ghleidheadh ann an Gàidhlig, cànan nan daoine fhathast, agus tha am fiosrachadh tòrr nas cinntich na clàran air an gleidheadh anns a’ Bheurla. Le beul-aithris tha fiosrachadh agad bho eachdraidh-teaghlaich, òrain, sgeulachdan, agus tha e cuideachd a’ cumail lorg air càirdeas.
Teaghlaichean Eilthirich
Tha iomadach neach-tadhail gu na h-eileanan a’ faighinn bristeadh-dùil an uair a thig iad a dh’Alba agus a chì iad cho beag agus a tha air a chlàradh mu dheidhinn nan eilthireach. Bhiodh e feumail nam biodh fios aca air dè an t-eilean às na dh’fhalbh na daoine aca, càit an deach iad an toiseach, fiosrachadh bho chunntasan-sluaigh, agus ainmean-teaghlaich. Le fiosrachadh mar seo, tha e comasach innse dhaibh dè am baile às na dh’fhalbh na daoine aca, agus ceanglaichean a dhèanamh ri daoine a bhuineas dhaibh.
Tha Seallam! ri ruith òraidean, agus co-labhairtean, agus ma tha ùidh agaibh anns a leithid nì sinn ar dìcheall gu faigh sibh fiosrachadh mu dheidhinn a’ chuspair anns a bheil ùidh agaibh.
Na Cosgaisean
Tha cosgaisean rannsachaidh a rèir agus dè an rannsachadh a dh’fheumas sinn a dhèanamh agus dè cho doirbh agus a bhitheas e, ach mar as tric tha na cosgaisean mar a leanas (le 17.5% de VAT ri chur ris) –
Teaghlaichean Ionadail
Aon loidhne de chraobh-teaghlaich £30
Craobh-teaghlaich le eachdraidh an teaghlaich £120
Craobh sliochd (gach ginealach) £20
Bràithrean agus peathraichean (gach ginealach) £20
Teaghlaichean Eilthirich
A’ lorg an teaghlaich (ma bhios e comasach dhuinn tuilleadh
rannsachaidh a dhèanamh, bheir sinn dhuibh cosgais air son
an rannsachaidh sin) £40
A’ lorg co às a bha iad (le eachdraidh an teaghlaich) £60
A’ lorg chàirdean £20
An t-Seirbheis air fad (rannsachadh, mapaichean agus
cuairt timcheall an àite às na dh’fhalbh na daoine agaibh) £300
Bookmark on