Taisbeanaidhean

Taisbeanaidhean Maireannach

  • Na h-Eileanaich agus an Dealbh-tìre
  • Eòlas Nàdair air DVD

Taisbeanaidhean 2011

Na h-Eilthirich

le Bill Lawson

Chrìochnaich sgeama a sheas trì bliadhna anns an Dùbhlachd 2009. Chaidh stòr-dàta a chruthachadh far an deach ainmeachadh còrr is fichead mìle duine a dh’fhalbh às na h-eileanan. Chaidh cuideachd taisbeanadh ùr a chuir ri chèile air Eilthireachd, agus tha e ri fhaicinn ann an Seallam!

Na Hiortaich

le Bill Lawson

Tha Bill Lawson air rannsachadh gach teaghlach a bha fuireach ann an Eilean Hiort. Chaidh an obair seo a dhèanamh anns na seachdadan. Sgrìobh e dà leabhar mu dheidhinn Hiort. Tha an taisbeanadh seo làn dheilbh a thog e air iomadach turas gu Hiort fad deich bliadhna fichead. Tha cuideachd deilbh ann a thog a bhean, Chris, ann a 2006, an uair a chlàr i prògram air an eilean còmhla ri Prògram Choinnich airson Rèidio nan Gàidheal. Tha mòran fiosrachaidh às an stòras aig Bill Lawson mu Hiort air a chleachdadh anns an taisbeanadh.

Eoin na Hearadh agus Hiort

le Suzan Visser-Offereins