Ionad Fiosrachaidh

’S e Seallam! am prìomh ionad-tadhail ann an Eilean na Hearadh agus tha taisbeanaidhean ann airson gach duine, le taisbeanadh maireannach airson daoine a tha a’ tadhal airson a’ chiad uair, agus taisbeanaidhean ùra airson an iomadach duine a tha air a bhith ann mar tha. Aig amannan den bhliadhna bidh taisbeanaidhean ann airson ùine ghoirid.

Chaidh an t-Ionad fhosgladh anns an Iuchar 2000 le Alasdair Moireasdan BPA agus Iain Dòmhnallach, Iain Dhòmhnaill Nèill, a rugadh anns An Taobh Tuath ach a bha a’fuireach anns a’ Ghearasdan aig an àm.

Faodaidh duine a dhol timcheall nan taisbeanaidhean a tha dèiligeadh ri nàdar agus eachdraidh nan Eilean Siar, no sealltainn ris an fhiosrachadh air teaghlaichean nan eileanan anns an Ionad Rannsachaidh.

Airson luchd-tadhail, tha cothrom an seo ionnsachadh mu dheidhinn chùisean a thug buaidh air leasachaidhean ann an coimhearsnachdan nan Eilean Siar, no airson daoine a tha ag iarraidh rannsachadh mionaideach a dhèanamh, tha gu leòr an seo dhaibh airson nan Eilean air fad.

Ged a b’ e uair a thìde no fad latha a bhiodh agad ri chaitheimh, tha gu leòr ann an Seallam! airson do shàsachadh.

Ma tha thu ag iarraidh tì no cofaidh, gheibh thu seo anns an ionad-bìdh aig Fàilteachas.

Tha Seallam! ann am baile An Taobh Tuath aig ceann a deas Na Hearadh. Tha e an teis mheadhan nan Eilean Siar, air an rathad gu Leòdhas, agus le aiseagan gu Uibhist agus Barraigh trì mìle air falbh anns an Ob.

Tha goireasan anns an ionad airson daoine ciurramach.

Fosgailte fad na bliadhna

Deich uairean sa mhadainn gu còig uairean feasgair

Diluain gu Disathairn

Cosgaisean airson nan Taisbeanaidhean

£2.50 (£2 le ìsleachadh)

Clann fo aois seachd – an-asgaidh

Fòn: 01859520258

Facs: 01859520488

Post-dealain: info@hebridespeople.com