Na h-Eileanan

Na h-Eileanan

Tha ceudan de dh’eileanan timcheall na h-eileanan an iar ach tha sia eileanan mòra ann – Leòdhas, Na Hearadh, Uibhist a Tuath, Beinn na Faoghla, Uibhist a Deas agus Barraigh.

’S e Leòdhas an t-eilean as fhaide tuath agus as motha. Tha ceithir paraistean ann – Barabhas, anns a’ cheann a tuath; Uig air an taobh an iar, Steòrnabhagh anns an ear agus na Lochan air an taobh an ear-dheas. ’S e eilean ìosal a tha ann an Leòdhas le mòintichean mòra, ged a tha beanntan ann an sgìre Uig. Timcheall an oirthir tha creagan àrda agus tràighean gainmhich, agus tha a’ chuid mhòr de na bailtean timcheall an oirthir, agus tha sin fìor airson baile Steòrnabhaigh – prìomh bhaile nan eilean – far a bheil port an aiseig agus am port-adhair. ’S e Eilean Bheàrnaraigh ann an Leòdhas an ath eilean as motha às dèidh na sia mhòra, air a bheil daoine a’ fuireach, ged a bha daoine air cuid de na h-eileanan eile uaireigin.

Tha barrachd bheanntan anns na Hearadh na tha ann an eilean eile, gu h-àraid anns a’ cheann a tuath. Tha machraichean an taobh an iar ri taobh tràighean cho àlainn agus a tha anns an Roinn Eòrpa, agus air an taobh an ear tha fearann uabhasach creagach nam Bàgh. Tha aiseag air an Tairbeart agus anns an t-Òb. Bha daoine anns an Sgarp, an Tarasaigh agus am Pabaigh uaireigin. Tha drochaid a’ ceangal Sgalpaigh ri Tìr Mòr na Hearadh, agus tha Beàrnaraigh an-diugh air ainmeachadh mar phàirt de dh’Uibhist ged is ann leis na Hearadh a bha e aig aon àm.

Tha talamh àitich math ann an Uibhist a Tuath gu h-àraid air an taobh an iar agus anns a’ cheann a tuath, le fadhail fharsaing gainmhich. Ann am meadhan an eilein tha mòintichean. ’S e Loch na Madadh am prìomh bhaile, agus am port-aiseig. Tha Beàrnaraigh agus Griomasaigh na laighe ri taobh Uibhist a Tuath, le cabhsair gu gach eilean, agus às a sin gu Beinn na Faoghla agus Uibhist a Deas.

Tha Beinn na Faoghla eadar Uibhist a Tuath agus Uibhist a Deas, agus tha cabhsair a’ dol gu gach eilean, tarsainn nam fadhal. Tha talamh-àitich math ann an seo air an taobh an iar agus suas gu tuath, ged a tha mòintichean air an taobh an ear. ’S e Baile a’ Mhanaich am prìomh bhaile le oifisean na Comhairle agus a’ Bhuird Slàinte. Tha port-adhair ann cuideachd. Anns na seann chlàran tha Beinn na Faoghla mar phàirt de dh’Uibhist a Deas.

Tha machraichean agus tràighean fada ann an Uibhist a Deas air an taobh an iar, le beanntan àrda air an taobh an ear. Tha an t-Ìochdar anns a’ cheann a tuath ceangailte le cabhsair ri Creag Ghoraidh ann am Beinn na Faoghla, mar a tha Eilean Eiriosgaigh anns a cheann a deas. ’S e Loch Baghasdail am port-aiseig anns an ear-dheas. Tha an aiseag a’ dol dhan Òban, agus tha aiseag chàraichean ri dol eadar Eiriosgaigh agus Barraigh.

’S e Barraigh an t-eilean as fhaide deas dha na h-eileanan mòra. Tha tràighean agus cnuic ann, le rathad a’ dol timcheall an eilein. Tha port-adhair ann an Eòlaigearraidh anns a’ cheann a tuath, agus tha aiseag Eiriosgaigh anns an Àrd Mhòr. ’S e Bàgh a’ Chaisteil am prìomh bhaile, agus ’s ann às a tha an aiseag ri falbh dhan an Òban. Deas air Barraigh tha Bhatarsaigh, agus deas air a sin tha Sanndraigh, Pabaigh, Miughlaigh agus Ceann Bharraigh, ged nach eil duine ri fuireach orra an-diugh.