Caraidean Seallam!

Caraidean Seallam!

Anns  an làrach-lìn seo gheibh thu fiosrachadh ùr mu dheidhinn iomadh phròiseactan ùra aig Seallam! airson Urras Dualchais an Taoibh Thuath.

Chaidh a’ chiad dreach clàr eilthireach againn air an eadar-lìon le fiosrachadh mu chòir air fichead mile eilthireach bhon na h-Eileanan Siar gu àiteachean thall thairis eadar 1750 is 1900. Tha sinn an dòchas gum bi sinn a cur fiosrachadh ùr air an làrach-lìn bho àm gu àm.

Aig an aon àm tha sinn an sàs ann a bhith cur an tasglann sloinntearachd a chruinnich Bill Lawson thairis air leth-cheud bliadhna de rannsachadh air teaghlaichean às na h-Eileanan Siar. Aig an àm seo, tha fiosrachadh ann air cairteal a mhillean duine. Tha rùn againn sin atharrachadh gu foirm stòr-dàta paraiste rè an ath tri bliadhna. Chaidh a chiad dà pharaist (Na Hearadh agus an Rudha) air loidhne ann an 2012-2013.

Chaidh cuideachadh còir a thoirt dhuinn bho Leader Innse Gall agus HIE airson a’ phròiseact seo ach feumaidh Urras Dualchais an Taoibh Thuath barrachd airgead a lorg airson an còrr den chosgais.

Ma tha thu ag iarraidh tabhartas a dhèanamh,  beag no mòr, a chum a chosgais seo, bhiodh do chuideachadh air aithneachadh le taing.