Bill Lawson – Fiosrachadh

Rugadh Bill Lawson ann an Sruighlea agus chaidh àrach ann an Inbhir Àir far an deach e dhan sgoil, ann an Àrd Sgoil Phreastabhaig agus an uair sin ann an Acadamaidh Inbhir Àir. Nuair a bha e na oileanach thàinig e dha na Hearadh agus ghabh e ùidh mhòr anns an eilean agus anns an eachdraidh. Cheumnaich e ann an Lagh bho Oilthigh Ghlaschu agus PhD ann an lagh bhon aon oilthigh. Thug e mach dreuchd mar suirbhèidhear aig an aon àm. Airson ochd bliadhna deug bha e ri teagasg Lagh ann an Colaisde Phàislig. Fad na h-ùine sin bha e ri cur seachad a làithean saora anns na Hearadh agus ’s ann an uair sin a thòisich e ri gabhail ùidh ann an sloinntearachd.

Bha e mothachail gun robh na seann daoine, aig an robh na sloinnidhean air an teanga, ri bàsachadh, agus thòisich e ri cruinneachadh sloinnidhean bhuapa agus a’ cur an fhiosrachaidh ris na clàran a bha air an cumail ann an Dùn Èideann. Leudaich an obair gu Ceann a Tuath Ameireagaidh agus a dh’Astràilia . Dh’ionnsaich e a’ Ghàidhlig – nì a bha gu math cudromach airson an obair a bha e a’ dèanamh a’ cruinneachadh eachdraidh theaghlaichean.

Ann an 1981 fhuair e obair os cionn an IDP, prògram leasachaidh Eòrpach airson an h-Eileanan an Iar. Thug seo dha cothrom gluasad dha na h-Eileanan agus an uair a chrìochnaich am prògram, ghabh e a-nall an Taigh-sgoile anns An Taobh Tuath anns Na Hearadh, agus rinn e leasachadh mòr air an togalach anns an robh an Taigh-sgoile agus an Sgoil uaireigin.

’S ann ann an sin a thòisich an companaidh Cò Leis Thu? Agus airson dà bhliadhna dheug bha e fhèin agus a bhean, Chris, a’ ruith a’ chompanaidh rannsachaidh. Chuir e cuideachd seachad ùine air Coimisean nan Croitearan.

Tha an gnìomhachas seo a-nis air a ruith le Urras Dualchais a tha stèidhichte ann an ionad Seallam!, ionad a chaidh a thogail a dh’aon ghnothaich anns An Taobh Tuath.

Bhon a tha Bill na chomhairliche don Urras, tha e a’ toirt cothrom dha leantainn air le rannsachadh ùr ann an sgìrean eilthireachd Chanada agus Astràilia agus tha e cuideachd ri toirt cothrom dha sgrìobhadh agus clò-bhualadh bho dhachaigh fhèin anns an Taigh-sgoile.

Tha Bill Lawson air cur ri chèile timcheall air 30, 000 craobh-teaghlaich. Tha seo ri toirt cothrom do dhaoine a tha a’ lorg an sinnsearachd ceangal a dhèanamh ris na h-Eileanan an Iar aon uair eile.

Tron chompanaidh, Bill Lawson Publications – a chaidh a chruthachadh ann an 1989 – tha Bill air sgrìobhadh faisg air trì fichead leabhar.

Chaidh a’ chiad leabhar aige a sgrìobhadh mar thiodhlaic dha bhean mu dheidhinn a’ bhaile anns an deach a h-àrach agus far an robh an teaghlach aice ainmeil airson an fhiosrachadh a bha aca air sloinnidhean, gu h-àraid am màthair, Màiri Uilleim Dhòmhnaill, a thàinig a dh’ fhuireach còmhla riutha dhan Taobh Tuath.

Tiotalan ri thighinn

Anns an t-sreath, Eachdraidh nan Croitean, tha Bill a’ sgrìobhadh:

Port Mholair/An Àrd/Brocair

Bailtean Sgìre Nis

Suardail

Port nan Giùran/Fleisirin/Sùlaisiadar

An Sgarp

Ma tha sibh ag iarraidh an tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn cuin a bhios iad rim faotainn cuiribh post-dealain gu lawsonbil@aol.com

Òraidean

Tha Bill Lawson air a bhith a’ toirt seachad òraidean air feadh nan Eilean an Iar agus Alba, a thuilleadh air Canada agus Ameireagaidh. Anns an t-Samhain 2003 thug e seachad òraid ann am Pinehurst ann an North Carolina agus ann an 2005 bha e ann an Thunder Bay , baile dhan deach iomadach eileanach anns an naodhamh linn deug.