An uair a bha Bill Lawson ri cruinneachadh an fhiosrachadh air teaghlaichean nan Eileanan Siar, bha aige ri siostam math fhaighinn airson a chuir air paipear, a bhiodh furasta a leantainn. Bha cuideachd a’ cheist air ciamar a bha e dol a dhèanamh eadar-dhealachadh eadar uiread a dhaoine leis an aon ainm. Thuig e gu feumadh e fiosrachadh a chruinneachadh air a h-uile teaghlach anns na h-Eileanan an Iar, agus an uair sin an clàradh ann an riochd chraobhan-teaghlaich.
Thòisich e le cunntas-sluaigh 1851 – a chiad stòras ceart airson na h-eileanan gu lèir – agus chleachd e am fiosrachadh airson craobh-teaghlaich a chruthachadh airson a h-uile teaghlach anns na h-eileanan, gach teaghlach le àireamh sònraichte dhaibh fhèin. Chaidh an uair sin fiosrachadh a chuir riutha bho na clàran sìobhalta agus na cunntais-shluaigh, a chaidh an cumail a h-uile deich bliadhna as dèidh sin, leis a h-uile clàr-pòsaidh air a chomharrachadh le àireamh teaghlaichean nam boireannaich.
Chaidh an uair sin cleachdadh clàran eaglais agus clàran oighreachdan airson fiosrachadh ro 1851, agus chaidh fiosrachadh bho bheul-aithris a chleachdadh airson dearbhadh no ceartachadh na bha anns na seann chlàran sin, agus le beul-aithris bha e comasach a chuid mhòr de na craobhan a thoirt air ais gu meadhan an ochdamh linn deug, agus uaireannan nas fhaide.
Chaidh cruthachadh craobhan-teaghlaich airson na teaghlaichean a dh’fhalbh as na h-eileanan ro 1851, ged nach eil mòran fiosrachaidh orra, ach ’s docha gum bith ceangail eadar iad agus craobhan-teaghlaich airson daoine a rinn eilthireachd.
Tha Bill air còir air 27000 craobh-teaghlaich a’ chruthachadh gu ruige seo, eadar na h-Eileanan an Iar agus na prìomh àitichean eilthireachd!
Anns a chumantas tha na craobhan a’ tòiseachadh ann an 1851, agus an uair sin air an leudachadh a-mach, agus air ais, air gach taobh, agus tha iad an uair sin ri tighinn sìos gu timcheall air 1920. Tha e a rèir co mheud mac a bha anns na teaghlaichean, co mheud duine a tha air aon chraobh, agus na dh’fhuirich iad anns na h-eileanan. Chan ann idir a toirt urram a bharrachd dhan na fir a bha e ach mothachail gu bheil an sloinneadh a leantainn sìos anns na ginealaich tro na fir. Ma bha an teaghlach air pòsadh ann an 1851, tha àireamh acasan dhaibh fhèin.
Tha na duilleagan ann an làmh-sgrìobhaidh Bill, ach cha b’ ann an urra ris-san a bha e co mheud duine a bha air duilleag, ach le dè cho torrach agus a bha na daoine ann an 1851!
Bookmark on