Cleachdadh an Làrach-lìn

Clàran Eileanach

Tro thìde bidh gach clàr a tha Bill Lawson air a rannsachadh airson Co Leis Thu? air an làrach-lìn seo. Aig an àm seo tha fiosrachadh air cairteal a’ mhillein duine anns an stòr-dàta, agus thèid seo air-loidhne, paraiste às dèidh paraiste thairis air an ath trì bliadhna. ’S e na Hearadh a’ chiad pharaiste a gheibh sibh as t-Earrach, 2011.

Seallaidh an stòr-dàta fiosrachadh air ainmean dhaoine, a’ bhliadhna a chaidh am breith agus a’ bhliadhna a phòs iad, ainmean an cèile agus am pàrantan agus ma rinn iad eilthireachd, an t-àite dhan deach iad. Bidh gach pìos fiosrachaidh a’ tighinn bho bheul-aithris agus bho na clàran sìobhalta, ach bidh cuideachd cothrom agaibh luchdadh a-nuas craobhan-teaghlaich ann an làmh-sgrìobhaidh Bill Lawson, còmhla ri eachdraidh an teaghlaich agaibh fhèin. Cha bhi sinn ri toirt seachad na clàran sìobhalta no cunntasan-sluaigh. Tha iad sin rim faotainn air an làrach-lìn www.scotlandspeople.gov.uk

Stòr-dàta Eilthireachd

Tha tòrr dhan obair a tha sinn a’ dèanamh aig Co Leis Thu? a’ dèiligeadh ri teaghlaichean a chaidh tarsainn a’ chuain às na h-Eileanan an Iar gu h-àraid a Chanada, a dh’Astràilia agus na Stàitean Aonaichte, ach cuideachd a dh’iomadach àite eile. Bhon stòras againn fhìn, tha sinn air fiosrachadh a lorg mu dheidhinn còrr air fichead mìle duine a dh’fhalbh às na h-eileanan againne, agus bidh tuilleadh ga chuir ris mar a tha fiosrachadh ri tighinn thugainn.

Aig an àm seo, tha an làrach-lìn seo ri toirt seachad ainm an eilthirich, bliadhna a bhreith (ach cuimhnichibh nach e an aois cheart a tha ann an-còmhnaidh) agus an t-eilean às na dh’fhalbh iad. Tha an làrach-lìn ri sealltainn an rìoghachd gus an deach iad, (ach cuimhnichibh gur dòcha gu bheil teaghlach a chaidh a Chanada air gluasad air adhart gu Ameireagaidh.)Fionnghal a' Phrionnsa

Anns a’ cholbh “Iomradh” tha sinn ri sealltainn cò às a thàinig am fiosrachadh. Tha “Iomradh Eilthireachd” ri ciallachadh gur ann bho thall-thairis a fhuair sinn am fiosrachadh, agus tha “Iomradh Albannach” ri ciallachadh gun d’ fhuair sinn e ann an stòrasan nan eileanan.

Aig an àm seo, ma tha sibh ag iarraidh tuilleadh fiosrachaidh air teaghlach a tha anns an stòr-dàta eilthireachd, cuiribh post-dealain gu info@hebridespeople.com, ach tro thìde bidh e comasach dhuibh seo fhaighinn sibh fhèin nuair a bhios an làrach-lìn gu lèir air-loidhne.