Beul-aithris

Beul-aithris

Nuair a bha Bill Lawson a’ tighinn dha na h-Eileanan an toiseach, o chionn leth cheud bliadhna, ghabh e ùidh anns na bha de bheul-aithris aig na seann daoine – cha b’ e idir sgeulachdan na Fèinne agus nan cinnidhean a-mhàin – ged a bha fios orrasan cuideachd – ach eachdraidh nan teaghlaichean aca fhèin agus teaghlaichean an nàbaidhean agus an càirdean.

An cois na bha de dh’fhiosrachadh aca air eachdraidh, bha iad ri cleachdadh ainmean-teaghlaich, – a bhith ag ainmeachadh duine air athair agus a sheanair, agus mar sin air ais anns an teaghlach. Bha a’ chuid mhòr comasach air innse dhut ceithir ginealaich, agus tric gu math na b’ fhaide air ais. Ma tha ainm ri ’g innse dhut cò tha ann an duine, chan eil mòran feum ann a bhith ag radh gur e MacLeòid an sloinneadh agad nuair a tha dà fhichead às a’ cheud leis an sloinneadh sin, ach tha an t-ainm-teaghlaich Iain Aonghais ’ic Fhionnlaigh ag innse dhut cò tha agad.Iain Moireach An t-Innseanach

Ma bhàsaich duine ro 1855 chan eil clàradh oifigeil ann airson pàrantan duine, ach bheir ainm-teaghlaich dhut ginealach no dhà nas fhaide air ais, gu h-àraid air taobh nam fear.

Tha beul-aithris dèidheil air a bhith cumail suas càirdeis, le aithne mhath air a’ chàirdeas, agus ged a tha càirdeas ri dol a-mach gu oghaichean no iar-oghaichean, tha seo ri toirt dhuinn fiosrachadh mionaideach air eachdraidh teaghlaich.

Tha beul-aithris a-nis aithnichte mar stòras luachmhor, agus anns a’ bhliadhna 1999 thug Buidheann Sloinntearachd Alba ballrachd le urram do Bhill Lawson airson an obair aige air na chruinnich e de bheul-aithris anns na h-Eileanan an Iar.