Ciad Ainmean

Ciad Ainmean

Bha ciad ainmean dhaoine a’ fulang gu mòr ann an làmhan nan daoine a bha a’ dèanamh an eadar-theangachaidh bho Ghàidhlig gu Beurla. Nuair a chaidh tòiseachadh air na clàran sìobhalta an toiseach, cha sgrìobhadh an neach-clàraidh ainm ann an Gàidhlig, agus bha iad a’ cur sìos ainm Beurla a bha iadsan a’ smaoineachadh a bha freagarrach. Gu mì-fhortanach cha b’ e an aon ainmean a bha gach neach-clàraidh ri taghadh!

Chan eil e annasach faicinn aon ainm Beurla an uair a thèid leanabh a bhreith, ainm eile aig am pòsaidh agus ainm eadar-dhealaichte an uair a bhàsaicheas e. Bha ainmean bhoireannach gu h-àraid a’ fulang, agus bha ainm mar Gormal, a bha air a chleachdadh tric ann an Nis, ach nach robh cho cumanta ann an sgìrean eile, a’ fairtleachadh air cuid den luchd-clàraidh. Bha cuid a’ cleachdadh Gormelia, ach bha feadhainn eile a’ cleachdadh Amelia, Emily agus Camelia. Bha feadhainn eile a’ cur sìos Dorothy agus Dorcas, agus fiù Naomi! Bha Oighrig air a sgrìobhadh ann an iomadach dòigh – Effie, Euphemia, Erica, Efrica, Africa, Harriet, Henrietta and Henny, agus anns na seann chlàran eaglais bha cuid a’ sgrìobhadh Eric – agus bha sin a’ togail ceist dè an gnè a bha anns an leanabh! Chaidh ainmean balach a chuir air dòigh na bu luaithe le bhith dol gu sgriobhaidhean Homer agus Cogadh nan Trojans – Alexander, Philip, Hector, Aeneas, Evander, agus mar sin air adhart.Murchadh Stiùbhart

Cha robh gnothaich aig an duine air an robh an t-ainm ris a’ chùis – ’s e an t-ainm Gàidhlig a bhathas a’ cleachdadh co-dhiù anns an dachaigh. Cha bhiodh a’ chuid mhòr ri coimhead dè bha dol dha na clàran, agus am b’ urrainn dhaibh a bhith air an leughadh nam faiceadh iad iad? An corra uair a bha feum air an ainm oifigeil ’s e an t-ainm Beurla a bha cunntadh, agus bha e na b’ fhasa an t-ainm a bha anns na clàran a chleachdadh. An uair a thòisich daoine ri faighinn a’ pheinnsein, bha buairidhean ann an uair a fhuair iad a-mach airson a’ chiad uair dè an t-ainm a bha clàraichte air an son!