A’ Toiseachadh ri Rannsachadh

A’ Tòiseachadh ri Rannsachadh

An uair a tha thu a’ tòiseachadh ri rannsachadh do theaghlach fhèin, ’s e an duilgheadas as motha càit’ an tòisich thu, agus ’s e am freagairt tòiseachadh le d’ fhiosrachadh fhèin! Bruidhinn ri do chàirdean agus cruthaich craobh-teaghlaich. Bu chòir dhut feuchainn ris an teaghlach a thoirt air ais gu toiseach an fhicheadamh linn, nuair a tha e comasach dhut coimhead ri na clàran oifigeil. Ma tha fios agad càit an robh do shinnsearachd a’ fuireach, seall ri na cunntasan-sluaigh, agus gheibh thu iad bho 1841 gu 1901. Ma tha fios agad cuin a bha tachartas ann a bhuineas dha do theaghlach, tha e comasach dhut sealltainn ri leth-bhreac de na clàran air an Eadar-lìon a’ dol air ais gu 1855 air www.scotlandspeople.gov.uk Faodaidh tu pàigheadh airson seo mar a tha feum agad.Janet MAcGregor

Ro 1855, ’s dòcha gum faigh thu fiosrachadh anns na Seann Chlàran Eaglais, no OPR (Old Parochial Registers), no ann an clàran na h-Eaglaise Chaitligich. Anns na h-Eileanan an Iar bha iad fada gun tòiseachadh a’ clàradh, agus an uair a thòisich iad bha tòrr thachartasan nach deach a chlàradh idir.

Faodaidh tu cleachdadh beul-aithris, ann an riochd sgeulachdan a tha aig an teaghlach agad, agus cuideachd ainmean teaghlaich, airson dearbhadh, no cuir an aghaidh, cuid de na tha anns na clàran. Tha am fiosrachadh air www.hebridespeople.com air a chur ri chèile bho rannsachadh a tha Bill Lawson air a bhith a’ dèanamh airson iomadach bliadhna airson an ionad-rannsachaidh, Co Leis Thu.