A’ lorg do theaghlaich

Sloinntearachd anns na h-Eileanan an Iar

Aon de na trioblaidean as motha a tha againn ann a bhith rannsachadh teaghlaichean anns na h-Eileanan an Iar ’s e cho gann agus cho truagh agus a tha am fiosrachadh sgrìobhte a tha againn. Tha na cunntasan-sluaigh air an cumail a h-uile deich bliadhna, a’ tòiseachadh ann an 1841, ach chan eil am fiosrachadh a tha annta cho ceart agus bu mhiann leinn, gu h-àraid anns a’ chiad fheadhainn. Tha clàradh sìobhalta ri tòiseachadh ann an 1855 le bhith clàradh breith dhaoine, na pòsaidhean agus na bàis, ach tha gu leòr a dhìth aig an toiseach. Cho fada air adhart ri 1897, ann am Barabhas ann an Leòdhas, tha aon bhliadhna ann far nach deach clàradh mòran sam bith, agus anns gach sgìre tha cuid den fhiosrachadh gu math ceàrr, gu h-àraid airson nan sloinnidhean a bha air boireannaich mus do phòs iad.

Tha seann chlàran eaglais ann airson a’ chuid mhòr de sgìrean, ach a-rithist chan eil tòrr aca cho math agus bu chòir dhaibh a bhith. Tha an fheadhainn airson Barabhas agus Steòrnabhagh ann an Leòdhas ri tòiseachadh tràth san naoidheamh linn deug, le dhà no trì nas tràithe na sin, agus tha am fiosrachadh annta math. Ann an sgìre Uig tha na clàran ri tòiseachadh timcheall air 1820 agus tha iad air an cumail math an toiseach, ach tha am fiosrachadh ri dol nas miosa mar a tha na bliadhnaichean ri dol seachad. Tha clàran sgìre nan Loch ann an Leòdhas ri tòiseachadh timcheall air an aon àm, ach chan eil am fiosrachadh math aig àm sam bith, fiù anns a’ phàirt anns an robh a’ mhòr shluagh, agus airson Càrlabhaigh agus Sìaboist, a bha nam pàirt den pharaiste suas gu meadhan an naoidheamh linn deug, bha am fiosrachadh truagh.

Anns na Hearadh tha an clàradh ri tòiseachadh timcheall air 1820, ach às dèidh bliadhna no dhà chan eil iad a’ clàradh ach na daoine a tha fuireach faisg air mansa na h-eaglais, agus na marsantaich agus na tuathanaich, agus ged is e croitearan bu mhotha a bha fuireach anns an eilean, chan eil guth orrasan. Ann an Uibhist a Tuath chan eil càil againn ach airson na sgìre timcheall air eaglais Chille Mhoire, is chan eil càil ann airson Càirinis is Trumaisgearraidh, agus ’s ann an sin a bha leth an t-sluaigh a’ fuireach. ’S e Caitligich a bha ann am Barraigh agus an Uibhist a Deas, agus ’s e glè bheag de Phròstanaich a bha fuireach anns na h-eileanan sin agus ’s e glè bheag a tha anns na clàran air an son, ged a tha na clàran Caitligeach air an deagh chlàradh.

An uair a tha sinn ri cleachdadh nan clàran sin, feumaidh sinn a bhith mothachail gur e Gàidhlig cànan nan daoine anns na h-eileanan, is gur e luchd na Beurla a bha a’ sgrìobhadh nan clàran, is cha robh mòran tuigse na diù aca dha na h-eileanaich. Bha mar a bha an t-ainm air a chlàradh a rèir toil an duine a bha ga sgrìobhadh sìos, agus mar a bha na fir-clàraidh ag atharrachadh, bha na h-ainmean ag atharrachadh cuideachd. A thuilleadh air a’ mheasgachadh mar Catherine/Kate, Margaret/Peggy a chì thu ann an sgìre sam bith, bha na fir-clàraidh anns na h-eileanan a’ measgachadh Angus/Aeneas, Finlay/Philip, Effie/Euphemia/Henrietta, Marion/Sarah, Gormelia/Dorcas/Dorothy, Rebecca/Betsy/Sophie, agus mar sin air adhart. Aig amannan gheibh thu boireannaich air an clàradh le ainm eadar-dhealaichte aig àm am breith, am pòsadh, agus aig àm am bàis.

Air sgàth nan duilgheadasan sin, cha robh sinn a’ coimhead adhbhar sam bith airson clàradh ainmean dhaoine mar a tha iad air an clàradh anns na clàran, agus airson sin chùm sinn ri aon dòigh air litreachadh gach ainm, agus ged nach eil seo ceart a bharrachd tha na h-ainmean air an litreachadh anns an aon dòigh. Leis a sin tha sinn a’ litreachadh Christina, Christian, Christine, Chirsty, Christy mar Kirsty, am fuaimneachadh as fhaisg air an ainm Gàidhlig, Ciorstag no Cairistiona.

Tha trioblaid ann cuideachd le cuin a chaidh daoine a bhreith anns na h-eileanan. Tha na clàran sìobhalta airson pòsadh agus bàs an ìre mhath ceart, ach gu math tric ceàrr airson breith duine. Chan eil na clàran eaglais a’ dèanamh sgaradh eadar breith agus baisteadh leanabh, agus anns na h-àitichean iomallach dh’fhaodadh seo a bhith gu math eadar-dhealaichte. Tha fios gu bheil na h-aoisean anns na cunntasan-sluaigh gu math ceàrr aig amannan, ach mar as tric anns na clàran againne tha sinne air cleachdadh an aois as freagarraich air a’ chunntas-sluaigh agus air clàran na h-eaglais suas gu 1855. Tha sinn ag innse cuin a bhàsaich daoine suas gu 1920, agus tha iad sin, agus fiosrachadh air pòsaidhean a’ tighinn bho na clàran oifigeil. Gheibh sinn leth-bhreac dhan fhiosrachadh sin dhuibh, ma tha sibh dha iarraidh, airson beagan cosgais.

Airson tuilleadh fiosrachaidh chleachd sinn pàipearan oighreachd agus pàipearan eile, far a bheil iad rim faighinn, agus tha iad seo tric a’ sealltainn nan ainmean mar ainmean-teaghlaich. Tha sinn cuideachd air cleachdadh beul-aithris anns an stòras againn. Gu tric tha daoine a tha rannsachadh gu proifeasanta a’ dèanamh dìmeas air beul-aithris, ach feumar cuimhneachadh gun tàinig am fiosrachadh às a’ choimhearsnachd, agus gu bheil e nas dòcha a bhith ceart na nithean a chaidh an sgrìobhadh le coigrich. Tha beul-aithris ri toirt cothrom dhuinn a dhol air ais ginealaich ann an teaghlaichean, gu toiseach no meadhan an ochdamh linn deug, agus uaireannan nas fhaide air ais na sin.

Ma tha tuilleadh fiosrachaidh a dhith oirbh mu dheidhinn an dòigh anns na chruthaich sinn an stòras, bidh sinn toilichte freagairt a thoirt dhuibh.