Eachdraidh nan Daoine

Eachdraidh nan Daoine anns na h-Eileanan an Iar

Tha eachdraidh nan Eileanan Siar a’ tòiseachadh an uair a leagh an deigh agus a thàinig a’ chiad daoine. An làrach is sine a chaidh a lorg anns na h-eileanan gu ruige seo airson nan daoine sin, a bha nan sealgairean agus a bha siubhal timcheall na tire, ’s ann faisg air baile An Taobh Tuath ann an ceann a deas na Hearadh, a tha air a dhearbhadh an-diugh a bhith 9,000 bliadhna a dh’aois. Gu cinnteach tha gu leòr eile ann agus feadhainn nas sine na sin.

Tha rannsachadh DNA air dearbhadh gun tàinig daoine Nuadhleacach (Neolithic) air a’ mhuir bho sgìrean a’ Mhediterranean agus suas taobh an iar Bhreatainn, agus a mheasgaich ris na daoine a bha seo mar tha. Bhuapasan thàinig daoine Linn an Iarrainn, agus ’s e iadsan a thog na dùin a chì sinn fhathast air lochan agus air rubhaichean timcheall nan Eilean.

Tha lorg againn air iomadach làrach cràbhaidh anns na h-eileanan bho àm nan Crìosdaidhean, ged a chaidh milleadh a dhèanamh orra leis na Lochlannaich timcheall air 900. Thuinich na Lochlannaich ceann a tuath Leòdhais air fad, ach na b’ fhaide deas b’ ann a bha iad a’ riaghladh nan sgìrean anns an robh daoine eile a’ fuireach.

An dìleab as motha a dh’fhàg iad às an dèidh, ’s e na h-ainmean a tha air gach pìos dhan tìr – agus ’ s dòcha cuideachd an ùidh mhòr a tha aig eileanaich anns a’ mhuir.Tràigh na Cliofadh

Mar a chaidh tide air adhart dh’fhàs an fhuil Lochlannach na bu taine, agus an uair a chaidh na h-eileanan an iar fo riaghladh Alba às dèidh an Treaty of Perth ann an 1266, bha na h-eileanaich air an ainmeachadh mar Ghall-Ghàidheil. ’S e Clann Dhòmhnaill a bha riaghladh mar Tighearnas nan Eilean, agus bha iad stèidhichte ann an Ìle agus mu thimcheall an eaglais aca ann an Eilean I.

Bha eaconamaidh nan Eilean stèidhichte air teachd an tìr, gu h-àraid air àrach chruidh, ach bha gnìomhachas ùr ri tighinn, agus bha e dol a chuir eaconamaidh nan eilean bun os cionn. Bha luath a’ cheilp – feamainn – feumail airson mèinneirean agus bha iarrtas mòr air an seo aig àm nan Cogaidhean Frangach, aig deireadh an ochdamh linn deug agus toiseach an naoidheamh linn deug. Bha na h-uachdarain ri brosnachadh tuineachadh air lochan mara air taobh an ear nan eilean, far nach robh talamh torrach, ach far an robh gu leòr feamainn. Thòisich gnìomhachas mòr, agus fhuair na h-uachdarain gu leòr airgead às, ach bha na croitearan ri dèanamh glè mhath dhaibh fhèin cuideachd.

Bha eilthireachd air tòiseachadh ron seo bho na h-eileanan, às dèidh 1770, an uair a bha fìor dhroch arbhair air a bhith ann airson bliadhna na dhà, agus leudaich seo an uair a bha croitearan a’ cosg an airgid fhèin airson pàigheadh faraidhean tarsainn a’ Chuain Shiair, à Leòdhas gu Tìr Mòr Albainn Nuadh, à Uibhist a Tuath agus às na Hearadh gu Ceap Breatainn agus à Uibhist a Deas gu Ceap Breatainn agus Eilean a’ Phrionnsa.

Às dèidh Cogadh Waterloo ann an 1815 agus deireadh nan Cogaidhean Frangach, bhris a’ mhargaidh airson a’ cheilp, an aghaidh farpais bho na rìoghachdan Eòrpach, agus chaidh eaconamaidh nan eilean dhan bhochdainn. Cha robh teachd a-steach aig croitearan leis am pàigheadh iad am màl, agus bha na h-uachdarain air call am prìomh dhòigh air airgead a dhèanamh, agus chaill na cinn-cinnidh an oighreachdan. Chaidh na h-oighreachdan gu daoine ris an robh na cinn-cinnidh ann am fiachan. Cha robh diù aig na daoine sin dha na daoine a bha ri pàigheadh a’ mhàil, agus bha iad toilichte gu leòr am faicinn a’ falbh às an dùthaich an uair a thug iad a-steach tuathanaich chaorach nan àite a thug dhaibh barrachd màil. Dh’fhàg mòran na h-eileanan aig an àm seo, agus dh’fhalbh gu leòr air sgàth agus gu robh iad air am fuadach airson àite a dhèanamh do chaoraich.

Anns na 1840an bha lobhadh anns a’ bhuntàta anns na h-eileanan agus chaidh goirt, chun ìre a ràinig e ann an Èirinn, a stad le cuideachadh bho bhuidhnean carthannais air Tìr Mòr. Bha an uair sin mòran a bharrachd adhbhar air eilthireachd a dhèanamh, ach cha robh airgead aig daoine airson nam faraidhean a phàigheadh mur a faigheadh iad cuideachadh bho bhuidhnean mar Buidheann Eilthireachd na Gàidhealtachd agus nan Eilean, gu Astràilia. Bha uachdarain mar Seumas MacMhathain ann an Leòdhas, Gordon Cathcart ann an Uibhist a Deas agus Barraigh, a’ cur air chois eilthireachd gu Ontario agus gu Quebec, ged a chaidh na gluasadan à Uibhist a dhèanamh ann am fìor dhroch dhòigh.Quebec

Bha na daoine a dh’fhuirich anns na h-eileanan le eagal gun deigheadh an cuir às an fhearann, gus an tug Achd nan Croitearan ann an 1885 dhaibh cinnt nach tachradh seo, ach bha fhathast gu leòr coitearan ann gun talamh. Beag air bheag, agus gu h-àraid eadar an dà chogadh, chaidh an talamh a chaidh a thoirt bho chroitearan aig àm nam fuadaichean a thoirt air ais do chroitearan, ged nach biodh seo gu leòr airson croit a thoirt dha gach duine, agus lean eilthireachd gu h-àraid anns na 1920an.

Ann an sgìrean dùthchail nan Eilean Siar, tha eilthireachd gu Tìr Mòr Alba gu math cumanta am measg òigridh nan Eilean, air sgàth agus nach eil mòran obair ri fhaighinn aig an taigh. Tha gluasad ann a-nis, le taic bhon riaghaltas, na h-oighreachdan a cheannachd bho na h-uachdarain, agus an cur ann an làmhan nan coimhearsnachdan. Thathas an dòchas gun dèan seo feum dhan eaconamaidh agus gun toir e cothrom dhan òigridh fuireach anns na coimhearsnachdan far am bheil e cho iomchaidh gun dèan iad seo airson stad a chur air crìonadh àireamh an t-sluaigh.